スクリーンショット:
主な特長
Cho ùr ’s a ghabhas an-còmhnaidh, a’ sìor-leasachadh cànan Windows! Tha Windows a’ libhrigeadh ùrachaidhean cànain an-asgaidh tron Microsoft Store a-nis. Tha sin a’ ciallachadh gun urrainn dhuinn na chì thu nad chànan a shìor-leasachadh is na h-ùrachaidhean ud a chur dhan uidheam agad gu fèin-obrachail. Ma stàlaicheas tu aplacaid pacaidean na h-àrainneachd ionadail, bidh do chànan ann am Windows an-còmhnaidh cho ùraichte ’s a ghabhas. A bheil ùidh agad ann a bhith a’ leasachadh Windows nad chànan? Tha e furasta molaidhean a chur thugainn a dhèanadh an teacsa nas fhearr le aplacaid làr-ionad nam beachd a tha am broinn Windows. Cha leig thu leas ach “Làr-ionad nam beachd” a chur ann am bogsa-luirg Chortana no iuchair Windows + F a bhrùthadh. An aire: Dh’fhaoidte gun tèid gleusan cànain a bharrachd, mar faclairean litreachaidh is cainnt, a stàladh cuideachd. Bidh feum air stòras aca a-rèir dè na gleusan a tha gan stàladh.